Return to Video

Na tha ùr ann am Firefox: An duilleag mhòr ⁊ Duilleag nan taba ùra

  • 0:01 - 0:05
    [Na tha ùr ann am Firefox] Ruigidh am Firefox as ùire do cheann-uidhe nas luaithe agus air dòigh nas fhasa a-nis.
  • 0:05 - 0:11
    Chaidh an duilleag-mhòr ath-dhealbhadh agus tha e nas fhasa a-nis cothrom fhaighinn air na pìosan dhen chlàr-taice a chleachdas tu gu tric.
  • 0:11 - 0:15
    Can na luchdaich thu a-nuas, na comharran-lìn, an eachdraidh, na tuilleadain, an sioncronachadh 's na roghainnean.
  • 0:16 - 0:19
    [Duilleag taba ùr] Leasaich sinn duilleag nan tabaichean ùra cuideachd.
  • 0:19 - 0:26
    Tha e furasta le duilleag nan tabaichean ùra cothrom fhaighinn air na làraichean a thadhail thu orra gu tric o chionn goirid le aon bhriogadh.
  • 0:26 - 0:32
    Ma tha thu airson duilleag nan tabaichean ùra a chleachdadh, cruthaich taba 's tu a' briogadh air a + aig barr a' bhrabhsair agad.
  • 0:32 - 0:39
    Chì thu dealbhagan dhe na làraichean-lìn air an do thadhail thu gu tric o chionn goirid (stèidhichte air eachdraidh an t-sàr-bhàir agad) air duilleag nan tabaichean ùra.
  • 0:39 - 0:44
    'S urrainn dhut duilleag nan tabaichean ùra a ghnàthachadh ma shlaodas tu mun cuairt iad.
  • 0:44 - 0:49
    Briog air a' phrìne gus làrach a ghlasadh san àite sin no air an X gus làrach a thoirt air falbh.
  • 0:49 - 0:55
    'S urrainn dhut briogadh air a' ghriod bheag aig barr na duilleige air an làimh dheas gus duilleag bhàn nan tabaichean ùra a ruigsinn.
  • 0:55 - 0:59
    Faigh greim air a' Firefox as ùire an-dràsta 's faigh cothrom air na feartan ùra seo an-diugh!
Title:
Na tha ùr ann am Firefox: An duilleag mhòr ⁊ Duilleag nan taba ùra
Description:

Fàs eòlach air an tionndadh ùr dhen duilleag mhòr agad agus duilleag nan taba ùr sa Firefox as ùire! Chan eil e gu diofar an e post-d no na naidheachdan camanachd as ùire a tha a dhìth ort, gheibh thu greim air nas luaithe agus nas fhasa le Firefox.

more » « less
Video Language:
English
Duration:
01:07
akerbeltz added a translation

Scottish Gaelic subtitles

Revisions