0:00:00.617,0:00:04.629 [Na tha ùr ann am Firefox] Ruigidh am Firefox as ùire do cheann-uidhe nas luaithe agus air dòigh nas fhasa a-nis. 0:00:05.065,0:00:10.565 Chaidh an duilleag-mhòr ath-dhealbhadh agus tha e nas fhasa a-nis cothrom fhaighinn air na pìosan dhen chlàr-taice a chleachdas tu gu tric. 0:00:10.719,0:00:15.342 Can na luchdaich thu a-nuas, na comharran-lìn, an eachdraidh, na tuilleadain, an sioncronachadh 's na roghainnean. 0:00:15.588,0:00:18.868 [Duilleag taba ùr] Leasaich sinn duilleag nan tabaichean ùra cuideachd. 0:00:19.206,0:00:25.530 Tha e furasta le duilleag nan tabaichean ùra cothrom fhaighinn air na làraichean a thadhail thu orra gu tric o chionn goirid le aon bhriogadh. 0:00:25.823,0:00:31.818 Ma tha thu airson duilleag nan tabaichean ùra a chleachdadh, cruthaich taba 's tu a' briogadh air a + aig barr a' bhrabhsair agad. 0:00:31.972,0:00:38.911 Chì thu dealbhagan dhe na làraichean-lìn air an do thadhail thu gu tric o chionn goirid (stèidhichte air eachdraidh an t-sàr-bhàir agad) air duilleag nan tabaichean ùra. 0:00:39.034,0:00:44.138 'S urrainn dhut duilleag nan tabaichean ùra a ghnàthachadh ma shlaodas tu mun cuairt iad. 0:00:44.215,0:00:49.030 Briog air a' phrìne gus làrach a ghlasadh san àite sin no air an X gus làrach a thoirt air falbh. 0:00:49.261,0:00:54.830 'S urrainn dhut briogadh air a' ghriod bheag aig barr na duilleige air an làimh dheas gus duilleag bhàn nan tabaichean ùra a ruigsinn. 0:00:54.876,0:00:59.473 Faigh greim air a' Firefox as ùire an-dràsta 's faigh cothrom air na feartan ùra seo an-diugh!