[Script Info] Title: [Events] Format: Layer, Start, End, Style, Name, MarginL, MarginR, MarginV, Effect, Text Dialogue: 0,0:00:00.62,0:00:04.63,Default,,0000,0000,0000,,[Na tha ùr ann am Firefox] Ruigidh am Firefox as ùire do cheann-uidhe nas luaithe agus air dòigh nas fhasa a-nis. Dialogue: 0,0:00:05.06,0:00:10.56,Default,,0000,0000,0000,,Chaidh an duilleag-mhòr ath-dhealbhadh agus tha e nas fhasa a-nis cothrom fhaighinn air na pìosan dhen chlàr-taice a chleachdas tu gu tric. Dialogue: 0,0:00:10.72,0:00:15.34,Default,,0000,0000,0000,,Can na luchdaich thu a-nuas, na comharran-lìn, an eachdraidh, na tuilleadain, an sioncronachadh 's na roghainnean. Dialogue: 0,0:00:15.59,0:00:18.87,Default,,0000,0000,0000,,[Duilleag taba ùr] Leasaich sinn duilleag nan tabaichean ùra cuideachd. Dialogue: 0,0:00:19.21,0:00:25.53,Default,,0000,0000,0000,,Tha e furasta le duilleag nan tabaichean ùra cothrom fhaighinn air na làraichean a thadhail thu orra gu tric o chionn goirid le aon bhriogadh. Dialogue: 0,0:00:25.82,0:00:31.82,Default,,0000,0000,0000,,Ma tha thu airson duilleag nan tabaichean ùra a chleachdadh, cruthaich taba 's tu a' briogadh air a + aig barr a' bhrabhsair agad. Dialogue: 0,0:00:31.97,0:00:38.91,Default,,0000,0000,0000,,Chì thu dealbhagan dhe na làraichean-lìn air an do thadhail thu gu tric o chionn goirid (stèidhichte air eachdraidh an t-sàr-bhàir agad) air duilleag nan tabaichean ùra. Dialogue: 0,0:00:39.03,0:00:44.14,Default,,0000,0000,0000,,'S urrainn dhut duilleag nan tabaichean ùra a ghnàthachadh ma shlaodas tu mun cuairt iad. Dialogue: 0,0:00:44.22,0:00:49.03,Default,,0000,0000,0000,,Briog air a' phrìne gus làrach a ghlasadh san àite sin no air an X gus làrach a thoirt air falbh. Dialogue: 0,0:00:49.26,0:00:54.83,Default,,0000,0000,0000,,'S urrainn dhut briogadh air a' ghriod bheag aig barr na duilleige air an làimh dheas gus duilleag bhàn nan tabaichean ùra a ruigsinn. Dialogue: 0,0:00:54.88,0:00:59.47,Default,,0000,0000,0000,,Faigh greim air a' Firefox as ùire an-dràsta 's faigh cothrom air na feartan ùra seo an-diugh!