[Na tha ùr ann am Firefox] Ruigidh am Firefox as ùire do cheann-uidhe nas luaithe agus air dòigh nas fhasa a-nis. Chaidh an duilleag-mhòr ath-dhealbhadh agus tha e nas fhasa a-nis cothrom fhaighinn air na pìosan dhen chlàr-taice a chleachdas tu gu tric. Can na luchdaich thu a-nuas, na comharran-lìn, an eachdraidh, na tuilleadain, an sioncronachadh 's na roghainnean. [Duilleag taba ùr] Leasaich sinn duilleag nan tabaichean ùra cuideachd. Tha e furasta le duilleag nan tabaichean ùra cothrom fhaighinn air na làraichean a thadhail thu orra gu tric o chionn goirid le aon bhriogadh. Ma tha thu airson duilleag nan tabaichean ùra a chleachdadh, cruthaich taba 's tu a' briogadh air a + aig barr a' bhrabhsair agad. Chì thu dealbhagan dhe na làraichean-lìn air an do thadhail thu gu tric o chionn goirid (stèidhichte air eachdraidh an t-sàr-bhàir agad) air duilleag nan tabaichean ùra. 'S urrainn dhut duilleag nan tabaichean ùra a ghnàthachadh ma shlaodas tu mun cuairt iad. Briog air a' phrìne gus làrach a ghlasadh san àite sin no air an X gus làrach a thoirt air falbh. 'S urrainn dhut briogadh air a' ghriod bheag aig barr na duilleige air an làimh dheas gus duilleag bhàn nan tabaichean ùra a ruigsinn. Faigh greim air a' Firefox as ùire an-dràsta 's faigh cothrom air na feartan ùra seo an-diugh!